- Gaelic verses
- Séist:
- Fhir a' bhàta, na hóro eile
- Fhir a' bhàta, na hóro eile
- Fhir a' bhàta, na hóro eile
- Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an déid thu
- 'S tric mi sealltainn on chnoc as àirde
- Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta
- An dig thu 'n-diugh na 'n dig thu màireach
- 'S mar dig thu idir gur truagh a tha mi
- Tha mo chridhe-sa briste brùite
- 'S tric na deòir a ruith o m' shùilean
- An dig thu nochd na 'm bi mo dhùil riut
- Na 'n dùin mi 'n doras le osna thùrsaich?
- 'S tric mi faighneachd de luchd nam bàta
- Am fac' iad thu na 'm bheil thu sàbhailt
- Ach 's ann a tha gach aon dhiubh 'g ràitinn
- Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut
- Gheall mo leannan dhomh gùn dhen t-sìoda
- Gheall e siud agus breacan rìomhach
- Fàinn' òir anns am faicinn ìomhaigh
- Ach 's eagal leam gun dèan e dìochuimhn'
- Ged a thuirt iad gun robh thu aotrom
- Cha do lughdaich siud mo ghaol ort
- Bidh tu m' aisling anns an oidhche
- Is anns a' mhadainn bidh mi 'gad fhaighneachd
- Thug mi gaol dhut 's chan fhaod mi àicheadh
- Cha ghaol bliadhna 's cha ghaol ràithe
- Ach gaol a thòisich nuair bha mi 'm phàiste
- 'S nach searg a chaoidh gus an claoidh am bàs mi
- Tha mo chàirdean gu tric ag innseadh
- Gum feum mi d' aogas a leig' air dìochuimhn'
- Ach tha 'n comhairle dhomh cho dìomhain
- 'S bi tilleadh mara 's i toirt lìonaidh
- Bidh mi tuille tùrsach deurach
- Mar eala bhàn 's i an dèidh a reubadh
- Guileag bàis aic' air lochan feurach
- Is càch gu lèir an dèidh a trèigeadh
